Ann an 1954 thadhal Richard Dimbleby agus sgioba camara bhon BhBC air an Eilean Sgitheanach gus prògram san t-sreath About Britain a chlàradh. Anns a' phrògram seo tha e a' toirt dealbh do luchd-amhairc air feadh Bhreatainn air dòigh-beatha agus cultar an Eilein Sgitheanaich tro bhith a' coinneachadh ri cuid de mhuinntir na sgìre agus a' tadhal air iomadh àite inntinneach, Caisteal Dhunbheagain nam measg. Tha e cuideachd a' cur ùine seachad cuide ri Sgioba Teasairginn…